TURUS NA CRICHE
Tha e nis air slighe na fìrinn
—SEAN-FHACAL
Thug an sealgair a chulaobh ri cois na tràghad, ’s e buidheach de shaothair. Bha smachd an anamoich an déigh meanbh-spréidh a’ sguabadh do’n suain. Tharruing luchd an dorbhaich an cuid bàta air leac Sgeir-na-h-Oitreach, gus an tilleadh an làn a bheireadh iad suas an t-Ob. Chluinnte plub a’ bhradain ’san tanalaich; is biac an steàrdain, far am builgeadh an cudain ’san uisge. Agus, mar phìob-an-aona-dhuis air scroig, chìtear a’ chorra aig friodhan an t-sruith ’na gurach; is sos an éisg a’ dùmhlachadh a sgròbain.
“Ille!” chagair Gilleasbuig Mac an Tòisich ri Alasdair Aonghais, “Nach coimhead thu an té sgèanach ’s i ’na cadal?”
“Ta! ’s i h-ann cheana,” fhreagair Alasdair ’s e deanamh cuimse-corraig. “Na’n robh an gunna caol agam, bha ise ’na crogan mun cual i ’n urchair. Ach fuirich ort! Gu dé do bheachd air an fhios a chuir Iain Ruairidh d’ar n-ionnsaidh?”
Chrom Gilleasbuig, is thog e dòirneag.
“Tha, ma chreideas tu mi—am beachd a bh’aig Iain Sheumais air Uisdean,” leith-chronuich Gilleasbuig ’s e tarruing air a’ chorra bho achlais. “An cual thu riamh mu bharail na luchain air a’ chlamhan?”