Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/148

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
130
AN T-OGHA MOR

a h-innte—’tha mach ’s a-stigh ri crudh’ an Ridire Tholmaich, bho no thainig am feasgar?”

“Ciamar a chunnaic sibhs i?” dh’fhoighnichd Iain.

“Le sùilean màthar,” fhreagair ise le snodha gàire—“ealain air nach gabh earraid, no coimheach brath. Có i, a chuilein, no dé is sloinneadh dith?”

“Mairearad Nic Uaraig—té a-mhuinntir Earraghaidhil, ma’s math m’fhios——”

“Siubhad! Mairearad Nic Uaraig!” dh’aithlis a’ chailleach le [1]mìcheadaibh. “Gheabhadh Domhnull Camaran ainm na’s fheàrr na sin dith. Cha robh a leithid de dh’ainm ’s a’ chearna so bho’n a dh’fhalbh an Lathurnach, a bha pòsd aig nighean Mhic Fhearchair an Iasgair. Té a-mhuinntir Earraghaidhil, a sheòid! Saoil a’ bheil buidseachd aice? Seadh! Ban-Earraghaileach! Bheil’ios an ith i sgadan ‘goirt’; no dh’fhaoidte, gur fheàrr leatha sgadan ‘aiteamh’—annlan an Arannaich? Thig oirnn le d’mhathas!”

“Ged nach còir a bhi talach, cha b’uilear dhuinn sin,” cheileirich Iain, ’s e toirt gotha da cheann.

Aig a’ cheart àm, cha do mhi-chòrd magadh na caillich ris idir; bha ise ’g aithlis, mar a chual i, air droch Ghàidhlig nan Deasach. Ach b’fhada bho chridhe an gàire.

Cha’n e bhi fàgail Eilidh buileach, a bha ’ga ghluasad. Nach robh e cuideachd a’ dealachadh ri dhleasanas da cheann-feadhna, ’s a’ dol air slighe ’bha cala-dhìreach ’na aghaidh—ged a theirte bràthair-athar ris?

  1. di-thlachd no mi-chion.