Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/146

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
128
AN T-OGHA MOR

Cuimhnich gu’ bheil an rathad buan ’san t-astar fada. Cha’n idir turus gille-mirein a tha romhad.”

Shaoileadh gall air mhaille, gu’n robh an t-seanabhean sùrdal. Ach bha’n aigne aice, ann an da-rìribh, iomagaineach is an cridhe tais. “Ma thig an droch còmhail ’na rathad,” mheòraich i far am bu teoth’ a gràdh, “có—an ainm an àidh—a ni cùl-taic’ do’n tigh-se, no ’sheasas làrach a dhaoine?”

Bha mhàthair mór aig Iain. ‘Ruitheadh e air an uisg’ fhuar dhith,’ mar is tric a thuirt Oidhrig Bheag le farmad, nuair a chluinneadh i [1]flaibean aige seachad bho’n tobair ’san anamoch fhliuch.

Thuig Iain miad a chùraim bu mhiann le mhàthair a chleith air. Agus chuir e dragh nach robh faoin air a shiubhal. Ach is beag a shaoil ise, gu’m b’e rac ’na ugan, a dh’fhàg esan cho tosdach. Shlaod e am furm-góbhlach bho’n uinneig, far am b’àbhaist dha bhi suidhe cliùchdaireachd; is chàraich e gu seòcal, sèimh, aig ceann-as a’ bhuird bhig e.

Air a’ bhòrd so, nach robh an eisimeil bréid-geal, no tubhailte, bha measair mhór fhleòdair—i cluaiseanach, cruinn—is sgurradh de chabhraich thiugh oirre; cuach leabhain a dhealbh snas a dha làimhe fhein, ’s i cur thairis le bainne nach d’fhuair a ghaoth bho’n a dh’fhàg e sìolachan; is spàin-adhairc ri ’taobh, a rinn an ceard-siubhail an uiridh.

Ma bha’n t-acras air Iain chuir an t-suipeir shomalta dheth e.

“Tut! a mhàthair,” mhisnich e sin air a shocair fhein, “na gabhaibh dragh air mo thàilleabh-sa. Oir

  1. fuaim bog fliuch