Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/116

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
98
AN T-OGHA MOR


bhristeadh fo chùlaig; agus Iain Tolmach, no Iain Ruairidh, le cridhe cho fosgarra ri nead curracaig.

Mun do dhealaich Iain ri chompanas, bha’n aigne aige air a h-aomadh ri seirbheis nan Stiùbhartach. Dh’fhàg e an fhàrdach, airson sin, na bu tràithe na rinn càch. Bha ’na rùn an t-Ogha Mór fhaicinn gun dàil. Oir bhòidich e ris fhein, nach d’rachadh grian gu doimhne rithisd, gus an togadh e sàil ri baile na mollachd. Ach cha’n ann mar a laitheas an calg, a dh’fheannair an t-sitheann.

Goirid an déigh dha tigh Mhic Fhraing fhàgail, rinn boirionnach easgaidh, le cleòca mu ceann, suas ris. Choisich i mu chiad slat ri thaobh, mu’n tug e an aire dhith. Ach cia luath ’s a thug e sùil oirre, shìn i pasgan láimhe da, is dh’fhiar i air falbh bho’n rathad.

Bha ioghnadh a’ ti’n air ’na leithid de fhrasan, ’s nach do smaointich e sealltainn air an rud a fhuair e gus an robh e astar air falbh. Rinn e nuair sin air solus a bh’aig oisein sràide, is dh’fhosgail e am pasgan. Cha robh ann ach badan fraoich, is duille sgein-duibhe.

“Cha’n ulaidh no cuimhneachan a tha so,” thuirt e ris fhein, is b’fhior dha sin. Oir tharruing e crioman pàipeir as àite na stàilinn ’san duille, is léugh e ann an Gàidhlig, na facail: ‘Far an gile solus ’s ann is momha ’n dubhar. Cum do shùil thar do ghualainn.’

Thug e feairt air an rabhadh, ged nach robh fiughar air bhrath aige, ciamar a thigeadh a chron. Ach chur e co-dhiùbh ceum air ghluasad, is a shùil air bheachd. Ràinig e glé fhaisg air an tigh anns an robh an t-Ogha Mór a’ fuireach ri taobh Drochaid Lunnain, gun nì a