Moladh an Ughdair do’n t-seann Chanain Ghaidhelach
Moladh an Ughdair do’n t-seann Chanain Ghaidhelach
Gur e ’s crìoch àraidh
Do gach cainnt fo’n ghrèin
Ar smuaintean fàsmhor
A phàirteachadh ri chèil;
Ar n-inntinnean a rùsgadh
Agus rùn ar crìdh
Le ’r gnìomh ’s le ’r giùlan,
Sùrd chur air ar dìth,
’S gu laoigh ar beòil
Iobradh do Dhia nan dùl;
’S e h-àrd chrioch mhòr
A bhi toirt dhàsan cliù.
’S e ’n duine fèin
’S aon chreutair reusant’ ann,
Gu’n d’ thug toil Dè dha,
Gibht le bheul bhi cainnt;
Gu’n d’ chum e seo
Bho ’n uile bhrùid gu lèir,
O, ghibht mhòr phrìseil
Dheilbh ’na iomhaigh fèin!
Na ’m beirteadh balbh e,
’S a theanga marbh ’na cheann
B’ i ’n iargain shearbh i,
B’ fhearr bhi marbh na ann.
’S de iomadh cànain
Bho linn Bhàbel fhuair
An slochd sin Adhaimh
’S i Ghàidhlig a thug buaidh.
Do’n labhradh dhàicheil,
An turam àrd gun tuairms’,
Gun mheang gun fhàillinn
Is urrainn càch a luaidh.
Bha a’Ghàidhlig ullamh
’Na glòir fior ghuineach, cruaidh
Air feadh a’ chruinne
Mu ‘n thuilich an Tuil-ruadh;
Mhair i fòs,
’S cha tèid a glòir air chall,
Dh’aindeoin gò
Is mì-run mòr nan Gall.
’S i labhair Alba,
’S Gall-bhodacha fèin,
Ar flaith ‘s ar prionnsan
’S ar diùcanna gun èis.
An tigh-comhairl’ an righ,
’Nuair shuidheadh air binn a chùirt,
’S i Ghàidhlig lìobhaidh
Dh’ fhuasgladh snaoim gach cùis’.
’S i labhair Calum
Allail a’ chinn mhòir;
Gach mith is maith
Bha ‘n Alba, beag is mòr.
’S i labhair Gaill is Gàidheil,
Neo-chlèirich is clèir,
Gach fear is bean,
A ghluaiseadh teanga ‘m beul.
’S i labhair Adhamh
Ann am Pàrras fèin,
’S bu shiùbhlach Gàilig
Bho bheul àluinn Eubh!
Och ! tha bhuil ann,
’S uireasbhach gann fo dhìth,
Glòir gach teanga
A labhras cainnt seach ì.
Tha ’n Laidionn coimhliont’,
Torach, teann na’s leòir;
Ach ’s sgalag thràilleil
I do’n Ghàilig chòir.
’S an Aithne mhòir,
Bha ghreugais còrr ‘na tìm,
Ach b’ ion dh’ i h-òrdag
Chur fo h-òr-chrios grinn;
’S ge min, slìom, bòidheach,
Cùirteil rò-bhog, lìobh’,
An Fhraingis lòghmhor,
Am pàilis mòr gach rìgh;
Ma thogras càch oirr’,
Pàirt de’n ainfhiach fèin,
’S ro bheag a dh’fhàgas
Iad de dh’ àgh ’na crè.
Is i ’n aon chànain
Am beul nam bàrd ’s nan èisg,
Is fearr gu càineadh,
Bho lìnn bhàbeil fèin,
’S i ’s feàrr gu moladh,
’S is torrunnaiche gleus,
Gu rann no luaidh,
A tharruing gaoith troimh bheul;
’S i ’s fearr gu comhairl’,
’S gu gnothuch chur gu feum,
Na aon teang’ Eorpach,
Dh’ aindeoin bòsd nan Greug,
’S i ‘s feàrr gu rosg
’S air casaibh a chur duain;
’S ri cruaidh uchd cosgair,
Bhrosnachadh an t-sluaigh.
Mu choinneamh bar
’S i ’s tàbhachdaich’ bheir buaidh;
Gu toirt a’ bhàis
Do’n eucoir dhàicheil chruaidh.
Cainnt làidir, ruithteach,
Is neo-liotach fuaim;
’S i seadhail sliochdmhor
Briosg-ghlòireach, mall, luath:
Cha ’n fheum i iasad,
’S cha mhò dh’ iarras bhuap’;
O ’n t-seann mhathair chiatach,
Làn de cheuda buaidh !
Tha i fèin daonnan
Saoibhir, maoineach, slàn;
A tighean-taisge,
Dh’ fhoclaibh gasda làn.
A chànain sgapach,
Thapaidh, blasda, ghrinn !
Thig le tartar
Neartmhor a beul cinn.
An labhairt shìolmhor,
Lìonmhor ’s mìle buaidh
Shultmhor, bhrìoghmhor,
Fhìorghlan, chaoidh nach truaill !
Bi ’n teanga mhilis
Bhinn-fhaclach ’s an dàn;
Gu spreigeil, tioram,
Ioraltach ’s i làn:
A’ chànain cheòlmhor,
Shoghmhor ’s glòrmhor blàs,
A labhair mòr-shliochd
Scota, ’s Ghàidheil-ghlais.
’S a rèir Mhic Comb,
An t-ùghdar mòr ri luaidh,
’S i ‘s freumhach òir
’S ceud ghràmar glòir gach sluaigh.
![]() |
This work was published before January 1, 1928, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago. |