Mìle Marbhaisg air an t-Saoghail. Oran Araid.

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
Mìle Marbhaisg air an t-Saoghail. Oran Araid.  (1751) 
by Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Mìle Marbhaisg air an t-Saoghail. Oran Araid.

Am Prionnsa
Mìle marbhphaisg air an t-saoghal,
’s carach baoghlach a dhàil,
cuibhl’ an fhortain air caochladh,
cha do chleachd sinn maoim roimh chàch;
tha sinn a-nis air ar sgaoileadh
air feadh ghleann is fraoch-bheann àrd,
ach tionalaidh sinn fòs ar daoine
nuair a dh’fhaodas sinn gu blàr.

Misneachd mhath, a mhuinntir ghaolach,
’s gabhaidh Dia dhuinn daonnan càscuiribh
dòchas daingeann faoilteach
anns an aon Tì nì dhuinn stàth,
’s buannaichibh gu rìoghail adhrach
traisgeach ùirneach caoineach blàth,
’s bithibh dìleas chàch-a-chèile
’s dùinear suas ur creuchdan bàis.

Ach ’s fheudar dhòmh-sa nis bhith falbh bhuaibh,
Ghàidhealaibh calma mo ghràidh;
bu mhòr m’earbsa às ur fòghnadh
ged a dh’fhòghnadh dhuinn san àr-
’s iomadh anacothrom a choinnich
sinn sa choinneamh bha gun àgh,
ach gabhaidh mise nis mo chead dhibh
ùine bheag, ach thig mi tràth.

Leasaichidh mi fòs ur call-se,
churaidhean gun fheall gun sgàth,
a dhìlse dhligheach rìoghail threuna
dhèanadh euchd ri uchd nam blàr,
’s cinn is colainn chur a chèile,
sinn ’s sibh fèin a sgaradh fàsach
togaibh suas ur misneachd ghleusda
’s cuiream fèin ri ’r creuchdan plàst.

Na Gaidheil
A Mhoire, ’s sinne t’ air ar ceusadh,
air dhìth cèille, ’s sinn gun chàil!
Tearlach Stiùbhart, mac Rìgh Seumas,
a bhith ’na èiginn anns gach càs!
gur h-e sin a rinn ar lèireadh,
gura feudar dhà gum fàg
sinn ’na dhèidh gun airm, gun èideadhfalbh
’n ainm Dhè; ach thig, a ghràidh.

Ar mìle beannachd ’nad dhèidh,
’s Dia do d’ ghleidheadh anns gach àit’;
muir us tìr a bhith cho rèidh dhuit,
m’ urnuigh gheur leat fhèin os aird;
’s ge do sgar mì-fhortan deurach
sinn a chèile ’s ceum roimh ’n bhàs,
ach soraidh leat, a mhic Righ Seumas,
shùgh mo chèille, thig gun chàird.

Chaill sinn ar stiùir ’s ar buill-bheairte,
dh’fhalbh uainn ar n-acair-bàis,
chaill sinn ar compass us ar cairtean,
ar reul-iùil, ’s ar beachd gach là;
tha ar cuirp gun chinn, gun chasan,
’s sinn mar charcaisibh gun stàth,
ach gabh thus’, a ghràidh, do d’astar,
dean gleus tapaidh, ’s thig gun dàil.

Am Prionnsa
Beannachd gu lèir le Clann Dòmhnaill,
sibh a dh’fhòirinn orm ’nam chàs –
eadar eileanan is mhòrthir,
lean sibh deònach rium gach tràth;
’s iomadh beinn is muir is mòinteach
shiubhail sinn air chòrsa bàis,
ach theasairg Dia sinn air fuar-fhòirneart
nan con sròin-bhaoth bha ri’r sàil.

Sibh a rinn fo làimh na Trìanaid
mise dhìon o mhìorun chàich,
mo dhearg nàimhdean neartmhor, lìonmhor
chuir an lìon feadh ghleann is àrd;
mheud ’s a thaisbean sibh dur dìlseachd,
’s còir nach dìochuimhnich gu brath,
a bhàrr gur sibh as luaith’ a shìn rium
toic air tìr ’s an talamh àrd.

Na Gaidheil
Ochan! ochan! ’s cruaidh an dearmad
bhith ’gar tearbadh uat gun bhàs,
b’i ’n fhìor-èibhinneachd ’s am bearteas
bhith gat fhaicinn gach aon là;
bidh ar ruisg làn tim a’ frasadh,
ar cridhe lag-chùiseach gun chàil,
gum pill thus’ a rìs air n-ais oirnn,
beannachd leat le neart ar gràidh.

Am Prionnsa
O! tiormaichibh suas ur sùilean,
chomuinn rùnach fhuair ur cràdh,
bidh sibh tathast maoineach, mùirneach,
’nur geard dùbailt’ mu Whitehall;
’n uair a bhios na Reubail lùbach
ri bog-chrùban feadh nan càrn,
gum bi sibhs’ an caithream cùirte,
lasdail, lùth-chleasach, làn àigh.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.