Jump to content

Imrich Alasdair à Eigneig

From Wikisource
Imrich Alasdair à Eigneig (1751)
by Alasdair mac Mhaighstir Alasdair
154080Imrich Alasdair à Eigneig1751Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Imrich Alasdair à Eigneig

Dh’ fhalbh mi à nathrachan creagach,
Làn conaisg ’s de phreasan sgrogach,
Bioran droighinn ann ’gam briogadh,
Roimh m’ chliabh gu neimhneach ’gam bhrodadh.

Fonn craintidh, tioram nach lagach,
Gun mhìn-fheur, gun lòn, gun bhoglaich,
Cho tioram ri spuing gu sradadh,
Ghabhas fadadh ’s lasadh tograch.

Gun neòinean, gun sòbhraich, gun seamraig,
Air dol na theine le tiormachd,
Siud am fearann nach iomlan,
Fo speuran nan siantan iomluath.

Liath-reothadh gun deàrrsadh grèine,
Feadh srath a’ ghlinne ’s a shlèibhtean;
Crann-sneachd a’spìonadh a speuran
Froiseadh mu m’chluasan ’s mu m’eudann.

Am fonn sgraingeil, griomach, tomach,
Chinn de gach ni solta, lomach;
Baile caol gun sult nach bronnach
Lom-lan de bhratagan croma.

Gart an Fhaoilich gach aon ial air,
’S e daonnan an caithreim fiabhruis,
Gun iuchar gun chèitein grianach,
Ach fadadh cruaidh ’s an àird an iar air.

’Se buain froise de chloich-mheallain,
A dheanadh ar cluasan a sgioladh,
Cha dèanadh ar barail ar mealladh,
Sin an fhras is doirbhe sileadh.

Am maor thug dhòmhsa bhàirlinn spreigeil,
An crom-shrònach ’s a smig ga spagadh,
Ghairm e rium mar ghlaistig sgreadaidh
M’imrich a thogail an gradaig.

Ghabh mi còmhnaidh ’n Ionbhar-Aoidhe,
Baile ionmholta, solta gaolach,
’Se gu solach, torach, maoineach,
Mùirneach, so-ghradhach, feurach faoilidh.

Baile gun ghlaistig, gun bhòcan,
’S coisrigte gach crann is fòid deth,
Gun deanntag, gun charran, gun fhòtus,
Lom-lan chluaran, lilidh, ’s ròsan.

A mhaghan a’ bòrcadh le neòinean
Stràcte le deagh mheasan òirdheirc,
Cha chinn lus bhios searbh am fòid dheth;
Barrach, bainneach, mealach, sòbhrach.

Fiabh a’ ghàir air srath ’s air mòr-bheinn,
Am maduinn Mhàigh is grian ’g an òradh;
Cur anma-fàis le blàths ’nam phòraibh,
H-uile là toirt bàrr air bhòichead.

Baile blàth, ’s math fàs gach seòrs’ ann,
Dealt an àigh air bàrr gach feòrnein,
Beò chluig-chiuil an dos gach mòr-chroinn,
Tilgeil cheileir gràidh bho ’n sgornain.

B’ oirfeid èibhinn geum na còisridh
Am bàrr nan geug a’ seinn an òran,
Leadain theud-bhinn, ainglidh, ghlòrmhor,
’S laoidhean grèidhte, ceud-fathach, ceòlmhor.

’S fortan leam gun d’ fhag mi Eigneig,
Ionad cruaidh nan dris bu ghèire,
Am fonn sporach, sgorach beurra,
Dh’ fheannadh m’ fheòil mar chruic ’dhroch-reusair.

Fàilte ort fhèin, a Phàrrais fhaoilidh,
Ionbhar-Aoidh am baile tlachdmhor;
Bidh m’ anam ’s mo chorp gu naomha
Bho’n fhuair mi sgaoilte as na glasan.

Chuidhtich mi taghadh na piocaid,
Am fear a bha riochdail ’na chaisein,
Dhèanadh ascaoin-eaglais chruaidh orm
Mun cluinneadh a chluas tri chasaid.

Chuidhtich mi asgairt is teine,
’S gach ni bhiodh ’na bhoile gu lasadh;
Chuidhtich mi seangan nan crioman,
’S gach ni biorach bhiodh ’gam speachadh.

Chuidhtich mi spuir a’ chait fhiadhaich,
’S dòbhran iargalta na braclainn
An neach sin a chàineadh gu daor mi
’S a bheum gun aobhar a chlag rium.

Gun do theich mi bho’ n fhraoch-sgriachain,
A loisg m’ fheusag dhiom le shradan;
Chur bhramannan dearga tein’ as
’S gun tholl e gu deireas mo chraicionn.

Gun chuibhtich mi righ nan searbhag,
Domblas, eanghlas, is tombaca;
’S gach biastag a bha ’gam itheadh,
Consbeach, creathlagan, is beachan.

Ach bho’n thainig mi dh’ Ionbhar-Aoidhe,
Thionndaidh riumsa caoin gach ascaoin;
Is gach rud bha cur orm trioblaid,
Rinn Dia gu sgiobalta ’n casg dhiom.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.