Jump to content

An Eala Bhàn

From Wikisource
An Eala Bhàn
by Dòmhnall Ruadh Chorùna
154576An Eala BhànDòmhnall Ruadh Chorùna

An Eala Bhàn

Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sàs aig bròn
Bhon an uair a dh'fhàg mi
Beanntan àrd a' cheò
Gleanntannan a'mhànrain
Nan loch, nam bàgh 's nan sròm
'S an eala bhàn tha tàmh ann
Gach latha air 'm bheil mi 'n tòir.


A Mhagaidh na bi tùrsach
A rùin, ged gheibhinn bàs-
Cò am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhìthein buaile fàs
Bheir siantannan na blianna sios
'S nach tog a' ghrian an àird.


Tha mise 'n seo 's mo shùil an iar
o'n chrom a' ghrian 's an t-sàl;
Mo dhùrachd leig mi as a déidh
ged thréig i mi cho tràth,
Gun fhios am faic mi màireach i
'n uair dhìreas i gu h-àrd,
Is iomairt lann gu bhith ri chéil'
'n uair 's léir dhuinn beul an là.


Tha 'n talamh leir mun cuairt dhìom
'Na mheallan suas 's na neòil;
Aig na 'shells a' bualadh -
Cha leir dhomh bhuam le ceò:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhòir;
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeòid.



Air m' uilinn anns na truinnsichean
Tha m' inntinn ort, a ghràidh;
Nam chadal bidh mi a' bruadar ort
Cha dualach dhomh bhith slàn;
Tha m' aigne air a lionadh
Le cianalas cho làn
'S a'ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm
A nis air thuar bhith bàn.


Tha mi 'n seo 's an fhàsach
air sliabh a' bhlàir 's mi leòint';
'S e nàmhaid rinn mo shàradh
's a chuir saighead cràidh 'nam fheòil;
An gaol thug mi dh'an mhàldaig,
a' ghruagach àluinn òg,
A nochd chan fhaod mi àicheadh
nach e chuir ceàrr mo dhòigh.


Aon nì tha mi cinnteach as,
mas e 's gun till mi beò,
'S ann leam-sa bhios an dìleab ud
ged dh'fheumainn strì nan dòrn.
Mar chanach geal na mòintich
tha 'n òigh as àille snuadh;
Mar ròs a' fàs an gàrradh
a bilean blàth 's a gruaidh;


Tha cainnt a beòil cho càirdeil
's gun tàladh i gach sluagh,
Teanga ghlan na fìrinne
o'n chrìdh tha dìreach réidh,
Gun fhoill gun cheilg gun àrdan,
gach nì as fheàrr na chéil';
Is ma tha buaidh measg chàich
oirr' cha toir i tàire th' éil',


Mar dhuilleach craoibh a dh'fhàsas
air àilleagan nan geug.
'S e nach fhaod a ràitinn
gun deach e ceàrr 'na dhòigh;
'S ann leis-san bhios am bàrr
dhe'n a' bhainne bhlàth ri òl,
'S gur glan a' chuisl' on tàinig e,
a ùth na bà 's a' chrò.


Ma 's e gu bheil e 'n dàn dhomh
o'n bhlàr gun till mi beò  :
Is gu faic mi 'n t-àite
's an deachaidh m' àrach òg,
Bidh sinne 's crathadh làmh againn
is bilean blàth toirt phòg,
'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut
le fàinne chur mu d' mheòir.


Ach ma thig an t-àm
Is anns an Fhraing gu faigh mi bàs
'S san uaigh gun tèid mo shìneadh
Far eil na mìltean chàch,
Mo bheannachd leis a' ghruagaich,
A' chaileag uasal bhbànn -
Gach là a dh'fhalbh gun uallach dhi,
Gun nàire gruaidh na dhàil.


Oidhche mhath leat fhèin, a rùin
Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
Cadal sàmhach air a chùl
Do dhùsgadh sunndach slàn.
Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar
'S nam chluasan fuaim bhàis
Gun duil ri faighinn às le buaidh -
Tha 'n cuan cho buan ri shnàmh.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.