Jump to content

Alasdair à Gleanna Garadh

From Wikisource
Alasdair à Gleanna Garadh
Sìleas na Ceapaich (1660-1729)
289349Alasdair à Gleanna GaradhSìleas na Ceapaich (1660-1729)

Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu ’n-diugh gal air mo shùilibh;
’S beag ioghnadh mi bhith fo chreuchdaibh
’S gur tric gan reubadh às ùr iad;
’S beag ioghnadh mi bhith trom-osnach,
’S meud an dosgaidh th’ air mo chàirdibh;
Gur tric an t-eug uainn a’ gearradh
Rogha nan darag as àirde.

Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Dòmhnall ’s a mhac ’s a bhràthair;
Ciod e ’n stà dhuinn bhith gan gearan?
Thuit Mac Mhic Ailein sa bhlàr uainn;
Chaill sinn darag làidir liath-ghlas
A chumadh dìon air ar càirdean,
Capall-coille bhàrr na giùthsaich,
Seabhag sùil-ghorm lùthmhor làidir.

Bu tu ceann air cèill ’s air comhairl’
Anns gach gnothach am biodh cùram,
Aghaidh shoilleir sholta thlachdmhor,
Cridhe fial farsaing mun chùinneadh;
Bu tu roghainn nan sàr-ghaisgeach,
Ar guala thaice, ’s tu b’ fhiùghail;
Leòmhann smiorail fearail feumail,
Ceann-feachda chaill Seumas Stiùbhart.

Nam b’ ionann duitse ’s do Dhòmhnall,
An uair a chuir e ’n long air muir,
Cha tigeadh tu dhachaigh gu bràth
Gun fhios dè ’m fàth às ’n do chuir;
Nuair a chunnacas air an tràigh sibh
A bhith gur fàgail air faondradh,
Thuit ar cridheachan fo mhulad:
’S lèir a bhuil - cha robh sibh saogh’lach.

Bu tu ’n lasair dhearg gan losgadh,
Bu tu sgoltadh iad gu ’n sàiltibh,
Bu tu curaidh cur a’ chatha,
Bu tu ’n laoch gun athadh làimhe;
Bu tu ’m bradan anns an fhìor-uisg’,
Fìreun air an eunlaith ’s àirde,
Bu tu ’n leòmhann thar gach beathach,
Bu tu damh leathann na cràice.

Bu tu ’n loch nach fhaodte thaomadh,
Bu tu tobar faoilidh na slàinte,
Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
Bu tu chreag nach fhaodte theàrnadh;
Bu tu clach-uachdair a’ chaisteil,
Bu tu leac leathann na sràide,
Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
Bu tu clach uasal an fhàinne.

Bu tu ’n t-iubhar thar gach coillidh,
Bu tu ’n darach daingeann làidir,
Bu tu ’n cuileann ’s bu tu ’n draigheann,
Bu tu ’n t-abhall molach blàthmhor;
Cha robh do dhàimh ris a’ chritheann
No do dhligheadh ris an fheàrna;
Cha robh bheag ionnad den leamhan;
Bu tu leannan nam ban àlainn.

Bu tu cèile na mnà prìseil,
’S oil leam fhèin da dìth an dràst thu;
Ged nach ionann domhsa ’s dhise,
’S goirt a fhuair mise mo chàradh;
H-uile bean a bhios gun chèile,
Guidheadh i Mac Dè na àite,
O ’s E ’s urra bhith ga còmhnadh
Anns gach bròn a chuireas càs oirr’.

Guidheam t’ anam a bhith sàbhailt
On a chàireadh anns an ùir thu;
Guidheam sonas air na dh’fhàg thu
Ann ad àros ’s ann ad dhùthaich:
Gum faic mi do mhac ad àite
Ann an saidhbhreas ’s ann an cùram:
Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu ’n-diugh gal air mo shùilibh.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.