Òran an t-Samhraidh
Òran an t-Samhraidh
Moch ’s mi ag èirigh sa mhadainn ’s dealt air a’choill,
ann am madainn ro shoilleir, ann an lagan beag doilleir,
gun cualas am feadan gu leadarra seinn
’s Mac-talla nan creagan ga fhreagairt gu binn.
Bi am beithe deagh bholtrach ’urail, dosrach nan carn,
ri maoth-bhlas driùchd cèitein, mar ri caoin-dheàrsach grèine,
brùchdadh barraich troimh gheugan, am mìos ceutach a’ Mhàigh:
am mìos breac-laoghach, buailteach, bainneach, buadhach gu dàir.
Bidh gach doire dlùth dh’uaigneas ’s trusgan uain’ uimpe fàs,
bidh an snodhach a’ dìreadh às gach freumhaich as ìsle
tro na cuisleannan sniomhain gu miadachadh blàth,
cuach is smeòrach san fheasgar seinn an leadain ’nam bàrr.
Am mìos breac-ughach braonach creamhach maothròsach àigh
chuireas sgeadas neo-thruaillidh air gach àite de dhuaichneas,
dh’fhògras sneachd le chuid fuachd mach air bruaich nam beann àrd,
’s aig meud eagil ro Phoebus thèid na speuran ’nan smàl.
Am mìos lusanach mealach feurach failleanach tlàth,
’s e gu gugacach duilleach luachrach dìtheanach lurach
beachach seilleanach dearcach ciurach dealtach trom blàth,
’s i mar chùirneanan daoimein, bhratach bhoillsgeil air làr.
’S moch bhios Phoebus ag òradh air bàrr nam mòrchruach ’s nam beann;
’s bidh san uair sin le sòlas gach eun binnfhaclach bòidheach
ceumadh mhear-bhuillean ceòlmhor feadh phreas ògan is ghleann,
choireal chùirteach gun sgreadan aig pòr as beadarraich cainnt.
’San am tighinn don fheasgar, co-reasgradh nan am,
ni iad co-sheirm shèamh, fhallain, gu bileach, binn-ghobach, allail,
a’seinn gu lùth-chleasach, daingean, am measg ùr-mheangain nan crann;
’s iad fein a’beiceil gu foirmeil, le toirm nan organ gun mheang.
Bi gach creutair d’a laigead, dol le suigeart don choill;
bi an dreathan gu bailceant’, foirmeil, tailcearra, bagant’
sior chur failt’ air a mhaduinn, le rifeid mhaisich bhuig bhinn,
agus Robin ’ga beusadh air a’ ghèig os a chinn.
Gur glan gall-fheadan Richard a’seinn nan cuisleannan grinn,
am barr nam bileachan blàthmhor ’s an dos nan lom-dharag àrda
bhios ’s na glacagan fàsaich is cùbhraidh fàileadh na ’m fion;
le phuirt thrileanta shiùbhlach, phronmhor, lùthmhor le dion.
Siud na puirt is glan gearradh ’s is ro ealanta roinn;
chuireadh m’intinn gu beadradh, clia-lù d’fheadain mun eadradh
’n am don chrodh bhi ’g an leigeil, an innis bheitir ’s a’ choill;
’s tu d’ lèig air baideal ri cionthar, an grianan aon-chasach croinn.
Bidh bradan seang-mhear an fhìor-uisg’, gu brisg, slinn-leumach, luath;
na buidhnean tàrr-ghealach, lannach; gu h-iteach, dearg-bhallach, earrach;
le soillsean airgid d’a earradh ’s mion bhreac, lainnireach tuar;
’s e fein gu crom-ghobach ullamh, ceapadh chuileag le cluain.
Bhealltainn bhog-bhailceach ghrianach lònach lianach mo ghràidh,
bhainneadh fhionnmheagach uachdrach omhnach loinideach chuachach
ghruthach shlamanach mheasrach mhiodrach mheasganach làn,
uanach mheannanach mhaoiseach bhocach mhoineach làn àil.
O! ’s fìor-eibhinn ri chluinntinn, fann-gheum laoigh anns a’ chrò;
gu h-ùrail mion-bhallach àluinn, druimfhionn, gearr-fhionnach fàilidh,
ceannfhionn, colg-rosgach, cluas-dearg, tàrr-gheal, guaineiseach, òg;
gu mogach, bog-ladhrach fàsmhor, ’s e leum ri bàirich nam bò.
Sheòbhrach ghealbhuidh nam bruachag, gur fanngheal snuadhmhor do ghnùis
chinneas badanach dualach maothghal baganta luaineach:
gur tu ròs as feàrr cruadal a nì gluasad à ùir –
bidh tu ’d èideadh san Earrach ’s càch ri falach an sùl.
’S cùbhraidh fàileadh do mhuineil a chrios-Chuchullainn nan carn,
’n ad chruinn bhabaidean rìomhach, loinneach, fhad-luirgneach, sgiamhach,
’n ad thuim ghiobagach, dhreach-mhìn, bhàrr-bhuidh’, chasurlach, àrd;
timchioll thulmanan diamhair mum bi ’m biadh-ianain a’ fàs.
Siud na fraoinisean boillsgeil, a thiligeas foidhneul na’s leòir,
air gach lùth-ghort de neòinein, ’s de bharran sheamragan lòghmhor;
mar sin is liosaichean soilleir, de dh’ fheada-coille nan còs,
timchioll bhoganan loinneil, is tric an eilid ’nan còir.
Nis trèigidh ’n coileach a’ ghucag, ’s caitean brùchdach nan craobh;
’s thèid gu mullach nan sliabh-chnoc, le chirc ghearr-ghobaich riabhaich,
b’ e siud an suirdhiche cùirteil, am pìllean cùlghorma fraoich;
’s ise freagradh le tùchan, pi-hu-hù, tha thu faoin.
A choilich chraobhaich nan gearr-sgiath, ’s na falluinne duibh;
tha dubh is geal air am measgadh gu ro oirdheirc ad itich,
muineal loinnireach, sgibidh, uaine slios-mhin, ’s tric crom;
gob nam ponganan milis, nach faicte sileadh nan ronn.
Siud an turraraich ghlan loinneil, is binne coileag air tòm;
’s iad ri burruras seàmh ceutach, ann am feasgar ciùin cèitein:
am bannal mogant, uchd-ruadh, mala ruiteach, chaol, chròm;
’s iad gu h-uchd-ardach, èarr-gheal, grian-dheàrrsgnaidh, druim-dhònn.
This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago. |