Òran Eile don Prionnsa

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
Òran Eile don Prionnsa  (1751) 
by Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Òran Eile don Prionnsa

Sèist:
Thug ò, laithill ò ho-ro
Thug ò ro an aill leibh
Thug ò, laithill ò ho-ro
Seinn ò-ho-ro an aill leibh.

Moch sa mhadainn 's mi dùsgadh
'S mòr mo shunnd 's mo cheòl-gàire
On a chuala mi 'm Prionnsa
Thighinn do dhùthaich Chlann Ra'ill.

On a chuala mi 'm Prionnsa
Thighinn do dhùthaich Chlann Ra'ill
Gràinne mullaich gach rìgh thu
Slàn gum till thusa, Theàrlaich.

Gràinne mullaich gach rìgh thu
Slàn gum till thusa, Theàrlaich
'S ann tha 'n fhìor-fhuil gun truailleadh
Anns a' ghruaidh is mòr-nàire.

'S ann tha 'n fhìor-fhuil gun truailleadh
Anns a' ghruaidh is mòr-nàire.
Mar ri barrachd na h-uaisle
'G èirigh suas le dèagh-nàdar.

Mar ri barrachd na h-uaisle
'G èirigh suas le dèagh-nàdar.
Is nan tigeadh tu rithist
Bhiodh gach tighearn' nan àite.

This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.

Public domainPublic domainfalsefalse