Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/67

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
51
RIOBA NAM BAN

Tha mi’n dòchas,” ars’ ise, ’s i cur a làimhe air a ghualainn, “nach ’eil dad ’san amharc agaibh a tha gu dragh dhuinn? Na bithibh fada gun tilleadh. Ach na gabhaibh cùram dha mo thaobh-sa. Co-dhiùbh, mar a’ bheil an còrr agaibh ri earbs’ asam, cha bhi mi ’g’ur tagairt. ‘An rud nach cluinn cluas, cha ghluais chridhe.’”

“Dìreach! Mar a theireadh a màthair rud,” thuirt an lighiche ris fhein, ’s e gabhail feasgair maith leatha.

Cha b’fhada ’na dhéigh so gus an robh e, le carbad siùbhlach na Ban-righ, air ti’n gu ionad a cheann-uidhe. Gun mhaille air aghartas, ràinig e seòmar an tinnis, far na ghabhadh ris mar mhac na gréine, ’s e toirt spionnaidh a easlainnte. Chunnaic e, le sùil gun mhearachd, gu’n robh a’ Bhan-righ ann an droch ìre; agus ma bha feobhas an dàn dith, gu’m féumta fuil a tharruing. Bha toiseach aig a h-aodan air dubhadh, is aig truimead na suain ri iathadh mu léirsinn. Bhuail e cuisle le ìnnleachd na h-àbhaist; ach cha do lean ruith-fola ’sam bith am fosgladh.

Cha robh an Dotair Mac Uaraig an sid ’na aonar dhe dhriachd. Bha triùir lighichean eile làthair—gach fear dhiubh ’s e fo dheadh ainm-sgile; ach—mar is tric a thachras—diarasach ’na bharail fhein.

Dh’fhiosraich e, co-dhiùbh, bho’n a h-uile [1]còmhdach a bha eatorra, gu’n robh tuilleadh ’s a dhùbhlan aige ri dheanamh; agas ma bha cliù a sgile-san ri h-àite chumail, thigeadh dha ionnsaidh chothromach a thoirt am buil gu h-obann.

Bha amharus aige air aobhar no dhà, thaobh na

  1. argumaid