Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/162

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
144
AN T-OGHA MOR

Tholmach a chuireas bacag air na shaothraich Gleann-Garadh, is Lochiall ann an téumadh aobhar oighre dligheach a’ chrùin. Cha’n fhios nan clachan dhuibh, nach d’fhuair Alain Camaran móran misneachd bho’n Ridire Tholmach, no bho Fhear-Shléibhte anns a’ chùis so——”

“Stad, stad!” chaisg Alasdair. “Leig ris dhuinn suidheachadh na mi-shealbh a h-ann.”

“Ni mi sin leis an fhoighidinn,” fhreagair Iain. “Ach cha’n fhuraich mo ghnothuch an dràsda ris. Fóghnaidh dhomh ìnnse gu’n dearbh mi gur he-an dearg-[1]chiulcaire th’ann am Mungan Tuathal Phlamarscaig——”

“Gu sgeitheadh na coin air t’fhiosachd,” thionndaidh Gilleasbuig le tilleadh facail. “Cha’n innis thu dad nach aithne dhuinn——”

Chuir Iain sùilean air; oir cha bu chiall fuadain a bha aig Gilleasbuig ’na aideachadh.

“Ciamar——?”

“Cha’n ann idir a’ cur casg’ air do chainnt, a tha mi,” lean Gilleasbuig air aghart. “Ach tha seòl eile air an fheàrr a gheibhear bun do sgeòil. Nach ann mar is luaithe ruigeas sinn dùthaich Mhic Leòid, is dòcha rath a bhi’n lorg ar turuis? Dé do bharail-sa, Alasdair?”

“’S e ’n fhìrinn a th’agad,” dh’aontaich Alasdair; is e ’cumail sùl air ròn a bha bogadh ’s ag éirigh an taobh a-mach de Chaolas-an-Acaire. “Tha’n tràth dhuinn a bhi greasad, no bi dùnadh air an Oitir a’dh’aithghearr. Faodaidh mi ìnnse dhut, Iain, gu

  1. duine carach