Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/160

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
142
AN T-OGHA MOR


làn earbsa as a bharail. “Nach gabh sinn ceum a-null. Bidh e aig an Sgeir mun ruig sinn.”

Gun tuileadh dàlach, theàrnaich iad do’n chladach; is cha b’fhada gus an cualas an fheamainn bhuilgeach a’ bragadh fo’n casan.

Ràinig iad Leac Sgeir-na-h-Oitreach mu’n aon àm ’san robh bàt’ Iain Ruairidh a’ snàgail throimh Chaolas na Sgeire-glaise. An ceann mionaide no dhà, bhuail a sròn air tìr; agus leum Iain, a chasa-tiorma, far an robh Gilleasbuig is Alasdair cheana ’ga fheitheamh.

“Nach briagh’ an oidhch’ i, fhearaibh?” thuirt e le fàilte, ’s e slaodadh lùban de thèilean cainbe as a dhéigh, ’s a’ gabhail aige ri fiacail scrotaidh a bha beagan shlatan os-cionn na mara.

“Tha i sin fhéin!” fhreagair an dithisd eile.

“Cha robh ’ur feitheamh fada, tha mi’n dòchas?” lean Iain air aghart. “Bha mi ann a’ so na bu tràithe, mur a b’e gu’n a chùm mo mhàthair air dheireadh mi. Ge b’e dé bha ’na ceann, cha’n fhaighinn a sid gus ’na chur i an t-sian orm. Bheil sibh a’ creidsinn ann?”

“C’arson nach creideadh?” thuirt Gilleasbuig car ealamh. “’S aithne dhuinn iadsan, nach b’urrainn, ged bu mhath leotha àicheadh. An cual thu riamh mu’n a’ bhean-dìolain a bh’aig Alain-na-Buabain ann an Gleann-eilge, nuair a choinnich i, ann an riochd geàrr’ e aig mullach Bealach-ódail, ’s a lean i air ’ga shàrachadh, gus na chuir i as dha, far a’ bheil Càrn-a’-Bhodaich ri taobh na Cloiche-glaise an diugh?”

“Có nach cuala mar a dh’éirich do dh’ Alain-na-Buabain?” dh’aidich Alasdair. “Ach cha’n’eil sin ag