Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/152

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
134
AN T-OGHA MOR


a chéil ’sa chàil—éudmhor, ’s i dlùth do gach togradh do’m b’eòl e?

Le beagan cabhaig thòisich e ri dhol an éideadh athar.

“Ge mór am facal e,” dh’abair a chailleach, ’s i ceangal a’ chlaidheimh-léithe ri chrios, “cha robh an taobh-sa Pheairt, na chuireadh ceum-air-ais anns an fhear bu leis e. Agus, a mhic, na tarruing thusa gun aobhar e, ’s na till e gun chliù. Ochan! B’e sin am fear-claidheimh. Ach, hala! Chunna mise latha—is b’e sin an latha! Anns a’ Choire ud thall, air latha nan Leòdach, cha chluinnte, bho mhoch gu dubh, ach gliong nan claidheamh sgaiteach; is osnaich churaidh air uilinn a’ toirt suas an deò. Sid far an d’rinn t’athair—an duin’ eireachdail!—éuchdan a’ cheatharnaich, ’s e nochdaidh thar chàich ’s a’ làimhseachadh, mar shùistear air ùrlar sabhail-bualaidh. So agad a’ bhiodag aige cuideachd. Ochan, a’ bhiodag! Latha mo chriche, an latha chuir na h-Abraich as dhut, a Ruairidh! Tut! Tut! Iain, cùm thus ort. Nach ann a thainig nàdar de thiomachd orm-sa. Hala! Coimhid i sheòid!—a’ sgian-dubh anns am faic thu t’fhaileas. Bheir mi m’fhacal gu’n a bhrist i an tuilleadh chridheachan, na chaomhag is bòidhche ’s na seachd-siorrachdan. Nis éudail, cha mhac mar an t-athair thu, nach cuir gniomh ann an earachdas. A-rithisd—oir ’s e’ so a’ chomhairle mu dheireadh, a bheir mise mar mhàthair ort—tréigeadh do lùgh mun tréig thu do mhisneachd!”

“Tha’n dearbhadh romham,” fhreagair Iain.

“A-chionn ’s gu bheil,” thuirt ise ’s i toirt làimhe