Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/147

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
129
AN DEALACHADH BEO


is tric a chualas gu’n tig fear an t-saoghail fhada as gach càs. Co-dhiùbh thig, no nach tig, cha’n’eil an dàn ri thoirmeasg—an rud is math is aithne dhuibh. An isean deireadh linn mi, a shéideas sop nach urrainn domh ’chur as? Mur a h-e turus gille-mirein a tha romham, cha shac trom air a’ chois chaoil ’tha agam ri ghiùlain——”

“Bheir mise——”

“Na abraibh an còrr. Ma thig m’uair roi’n mhithich, cha dean cnàmhan-teallaich a leasachadh.”

“An ann mar so a tha, chuilein? Hala!” bhrunndail a’ chailleach le seadh bho nach faigheadh fear imrich furtachd. “’Smath a thuig mi-fhin nach b’ann airson iosad teine thainig Eilidh cho anamoch——”

“An tug sibh tarruing a-rithisd oirre?” chaisg Iain car ealamh; ach bha fuaim eiridinn ’na ghuth. “An rud a dh’earb mi cheana——na faicibh éis no uireasbhuidh oirre,” chiallaich e, is e ach gann a’leum beò-glan bho’n bhòrd.

Thug a mhàthair sùil air le cianalas; ach na facail dhrùighteach a bhrist air a crith-bhilean, b’e am béud an aithris.

“Fàg Eilidh mar a tha i,” thuirt i an ceann tiotain le fonn furbhailteach, mar nach biodh cùram fo’n ghréin ’ga tagairt. “Coma leat! Cuiridh mi mo cheann liath air a’ gheall nach faigh fear eil’ a leannanachd. Ach stad ort, Iain! Có i, ge mór a h-eireachdas—oir b’fheàrr lium gu robh i ’n crochadh ris a’ ghealaich, ’s a greim ’ga fàgail—a’ bhan-eitheach sin—agus ’s e sin