Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/137

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
119
IAIN RUAIRIDH, MO CHEIST!

’gad chur thuige ro mhór?—an cum thu nise ri t’fhacal?”

“Cha’n aom Ceann-cinnidh no sgalag mi bho m’ fhacal, no dhleasanas; dearbh mi!”

“Dh’ìnnse na fìrinn,” thuirt Eilidh, “cha robh mi gun teagamh ’nad fhreagairt.”

“Agus cha robh sin gun fhios dhomh,” ars’ Iain, “nuair nach tug thu guth air ri mo mhàthair.”

“Tha thu ceart, Iain. Ach feumaidh tu a bhi faiceallach gun abradh air ceann-turuis a’ chunnairt. A! do mhàthair—tha mo chridhe ’gam fhàgail, nuair a smaointicheas mi air an ìre ’tha feitheamh ort.”

“Na toir facal air,” fhreagair Iain, le tapadh. “Ach geall dhomh gu’m bi thu ’nad nighinn dith, ma bhios mo thighinn anamoch, agus coin a’ blobhdail ri mo thannasg.”

“Tha thu cur mulaid da-rìribh orm,” labhair Eilidh le crith-ghuth agus a sùil a’ lìonadh le deòir. “Ach dé an t-aobhar?—gu bheil Iain Ruairidh a’ ceangal a chrios’ ann an seirbheis-chunnairt a’ Phrionnsa—a’ ruith an coinnimh na biodaig agus àrdan nan Tolmach, agus”—leag i a ceann maoth le earbsa air a bhroilleach.

Chual Iain osna throm—an ospag anaileach; agus thainig bras-bhuille air a chridhe.

“Mo ghaol ort fhein,” thuirt e le lànachd a’ ghràidh; theann-ghlac e i ri ’uchd, agus thuirt e—seadh, thuirt e—nì nach aithris mi.

“Nis, Iain,” labhair i air a socair, “tha mi a’ cur earbsa mo chridhe annad. An aithne dhut Mairearad Nic Uaraig?”