An t-Ogha Mor/12

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
An t-Ogha Mor by Angus Robertson
Foill, is a’ Mhointeach Mhor

[ 172 ]

FOILL, IS A’ MHOINTEACH MHOR

Am fear a brathas ’s e mharbhas

—SEAN-FHACAL

Bha Raitean ag obair air geadhachail còmhla ri Iain Ruairidh gus na chuir gealach an da’r-éug, glas-mhiar air an oidhche. Bha e stigh nuair a thainig Eilidh, ’s a dh’fhàg i. Có chuireadh uibhireachd air Raitean—e ann an oir na luatha ’na ghuraban; is craicionn coimheach, le cion uisge air an aodann aige? Ach coma leat! Bha chluas air ghléus ris na chluinneadh e; is a shùil cho biorach ri comhachag a’ feitheamh tùill lucha.

Cha bu chomaine da idir na bha ’na rùn a chur an géill. Oir is iomadh oidhche sheasgair a ghabh e de thigh Iain Ruairidh, agus tràth le annlann, còmhla ris. Ach ged a bha e bialach, bha e mar an ciadna, bruidhneach, cealgach; agus, na bu mhiosa na sin—neo’r-thaingeil. Bha de dh’fhealla-dhà ann na dh’fhoghnadh do shia buannacha diag Mhic Dhomhnuill. Is am fear a thuirt, ‘an làn ghàdaire’ ris, cha robh e cur an ìslein bho sheilbh a chodach. Ach a dh’aindeoin co-dhiùbh, is na ghearaineadh air, gheibht e cho grìdeil, air uairibh ri seangan an tom.

Ma tha naigheachd so fior—an rud a tha—ionnas gu’r h-ann bho Iain Pìobaire, (bial na fìrinn) a thainig i—bha Raitean cho gèur-chuiseach ri Druidh an crannaig. [ 173 ]Chual e na bha eadar Iain Ruairidh is Eilidh aig ceann na bàthcha, a-chionn ’s gu’n robh farchluais cho soirbh dha ri sionnach ag ianadaireachd. Tha iadsan a ghabhadh a leisgial ag ràdh gu’n robh a bhéus aréir àrach; cuid eile, gu’n a chuir Mairearad Nic Uaraig trulainn e. Is bha iad gu léir ceart. Oir, òg is mar a bha Raitean, rinn buadhan na h-ainnir ud, greim neo-chneasd air. Thainig fathamas neònach air a dh’fhàg aigne cho baoth ri guanaig ’san Earrach. Dé b’fhiach an saoghal gun a bhan-uasal a dh’earb gnothuch ris? Mar bu mhomha bhiodh aige ri ìnnse dith, nach ann a b’fhaide gheibheadh e banalas a còmhraidh. Cha togair daingneach na’s àirde na ruigeas am fàradh. Nach e fhein an duine!

Nuair a théid nàdar am beo, thig smuaint bho h-aineoil. Cha chnàimh gun fheòil e, rùnaich e; is có a chanas nach bidh a chòir oirre fhathasd? Nach minig a thuirt a sheanamhair: ‘Am fear a ni gniomh gu toil do nighinn, gheibh e ’n cridh’ aice le tapadh.’

Is e bhuil a bh’ann, gu’n robh Raitean mar dhallaran nan seachd suain, bho’n a dhealaich e ri Mairearad ’san fheasgar. B’ann air a soin-se bha na chi, ’s na chluinneadh e. Bha boisgeadh nan reult fhein, thar-leis, air am fasdadh da turus. Ach nach iongantach an t-aithris gu’m biodh com cho beag meachainn ris, cho furachail ri bàrd le duan?—Freagairt: gaol gille gun fhiasaig air fhadadh.

Cha d’rinn Iain Ruairidh ach an tigh fhàgail, nuair a ghreas Raitean a dh’ionnsaidh leathad an Atha, far an robh Mairearad ri fheitheamh.

[ 174 ]Mar a bhios esan a ni feòrag de chogais, cha robh Raitean buileach foiseal ’na inntinn. Dé, na mealladh i air? Có dha do’m b’fhios gu’ robh i idir saoghalta? Ma’s e bana-bhuidseach a bh’innte, nach d’rachadh i ann an riochd sam bith? Gu dé a dheanadh e, na’n tachradh i ris ann an cruth goibhre, no mar ghlaislig ’ga failceadh ’s ann abhainn? Ciamar a choinnicheadh i e? An tigeadh i bho chulaobh air ’s i snàmh air bharr-duillich, mar a thainig’ a ghruagach air Niall a’ Bhogha?

Airson a’ chiad turus ’na bheatha, thainig gris air Raitean. Cha do mhothaich e riamh gu sid, an seadh a bh’anns na facail: ‘Is ioma rud a tha’n am marbh na h-oidhche.’ Ach cha b’e an oidhche chur an clisgeadh air. Oir is minig, is ro-mhinig a shiubhail e am baile fo mhùgan, gun eagal no athadh. Ach dé dha sin? Fhuair rudaigin greim air. Oir cha’n’eil duine chitheadh a-nis e, a shoileadh gur h-e an Raitean ciadna bh’aca—Dé tha sid?—Leum crom-riabhach le biac, is cha mhór nach tug e éubhach air. Ach ged a ghabh e gné de ghluasad ’s an àm, chuir e an t-eagal air falbh. Goirid na dhéigh chuir e suas bus feadaireachd.

II

Tha e collach co-dhiùbh, nach d’rinn tathaich nan gisraeg móran drùghaidh air Raitean. Oir bha e spaidsireachd car ùine, ’s e ’gabhail phort, mun tainig Mairearad air foirefhios. Bheireadh e sùil, an dràsda ’s a-rithisd ri iadh nam beann ’san astar, mar is minig a rinn Donnachadh, mo charaid, nuair a bhiodh e a’ di-moladh an uaireadair. Ach ma ghlac e misneachd, airson sin, [ 175 ]cha b’ann gun ìmpidh a bhi an cois a ghniomhe; oir thainig Mairearad fadheoidh [1]guiniosd’ air.

“Is math a fhuaireas tu,” thuirt i, le sunnd a bha cho farasda ri òigh ’s i sùgradh, do Raitean truagh.

Fad tiotain, rinn e amharc oirre gun amas-facail. Oir shaoil e, ann an da-rìribh, nach b’urrainn creutair coimhead cho àillidh rithe, agus a bhi corporra. Chaidh a bhuaireas am momhaid. Oir ma-dh’fhaoidte gur h-e tuairmse bh’ann, ach bha h-aghaidh nochdaidh ri boisg na gealaich; is a cluas, mar gu’m b’eadh, ag éisdeachd osaig air mhire ’measg mheadhail nan craobh.

“Dh’fhalbh e le bàta,” chuir e am briathrachas.

“Dh’fhalbh có?” rinn ise farraid.

“Iain Ruairidh,” fhreagair Raitean, mar gu’m biodh fios aig an t-saoghal, có e Iain Ruairidh.

“Cha’n’eil mi ga d’thuigsinn,” arsa Mairearad. “An aithne dhut có is daoine dha?”

“Mac bràthar do’n Ridire Tholmach,” fhreagair Raitean; oir bha meòir an t-sloinnidh aige. “Their cuid: Fear-Scalpaidh ris, ged a leig e an t-àite sin am fiadh, riamh bho’n a thainig e air ais a Lunnainn.”

“A Lunnainn,” dh’aithris i mar rithe fhein; is chuir Raitean sùilean air.

Thug a cuimhne sitheadh nan ochd bliadhn’ air ais. Chunnaic i òg-Ghaidheal a’ seasamh a h-ainme fa chomhair mórachd na rìoghachd; is e ’cur an fhir a b’àird’ inbhe diubh gu dhùbhlan. Bha i òg an cridhe an uair-sin; òg an gaol agus òg an cuilbheartan an t-saoghail. B’e Iain Tolmach an duine sin. Seadh! Seadh! Ach, [ 176 ]mar gu’n tigeadh uireas air a h-ùidh ann, bha e ro shocharach.

“Dé tha Iain Tolmach a’ cur ris a-nise?” dh’ fheòraich i an ceann greiseig.

“Am poll—an rud a bha Niall a’ cur ri chasan,” fhreagair Raitean le conas, “’sa’ dol mu’n cuairt mar a bha’n fheannag a’s t-fhoghar.”

Bha toiseach aig Raitean air fàs sgìth dhe’n t-seòrsa ceisteireachd ud: is thug Mairearad an aire dha sin, cuideachd.

“Thuirt thu’n ceartair?” ars’ ise, “gu’n d’fhalbh Iain Ruairidh le bàta; ach an e sin uil’ e? Is fheudar gur a th’ann dh’iasgach a bhiodh e dol?”

“Cha’n ann idir,” fhreagair Raitean, is e geòbail le bhial, mar gu’m biodh e air a leith-thachdadh. “Dh’innis Eilidh rud!”

“Dh’innis Eilidh rud!” dh’ aithlis Mairearad; “ach có th’ann an Eilidh.?

“Rinn i sin, a bhana-charaid,” dhosaich Raitean, is e mu-làimh ri at le gasdachd. “Có th’ann an Eilidh?—dalta an Ridire Tholmaich, agus nighean Fear-Lusaidh. Tha thusa bòidheach; ach a [2]gheallaras gun toireadh Iain Ruairidh bréid air toiseach dhith sid.”

Dalta do’n Ridire Tholmach, smaointich Mairearad ’na rùn. Dh’innis i rud do dh’Iain R———Tolmach. Ciod e an rud sin? Am beil buinteas aige ri gnothuch a cuairt?

“Nise,” dh’fhoighnichd i, mar gu’m biodh i leanalt a meòrach, “faiceam, a Thor—”

[ 177 ]“Raitean, abair,” ars’ esan; “oir is e is fheàrr a thuigeas mi.”

“Seadh, Raitean,” lean i air aghart, “faiceam dé bha’n am beachd Iain Tholmaich, mur a h-ann a dh’ iasgach a chaidh e?”

“Tha—dol a thoirt dùthaich Mhic Leòid air.”

“An dean e sin leis fhein?”

“Có aige tha fios?”

“Is e sin a tha mi foighneachd.”

Bha seanachas a-nis’ a’ cordadh ri Raitean gu gasda; is shaoil e gu’m faodadh e bhi cho dàn’ oirre ri goisdidh Mairi Ni’n Oidhrig.

“Dé bheireadh Iain Tolmach bho thigh mu’n taca-so dh’oidhche?” thuirt i ’s a h-inntinn a’ dol an deilbh air iomadach seadh.

“An éiginn, ma-dh’fhaoidte,” fhreagair Raitean—“an rud a thug an earba do’n loch. Ach chuireadh Eilidh earball eil’ air.”

“Chuireadh!”

“Dheanadh i sin, fhein,” chum e roimhe. “Oir rinn i farchluais air Mungan Tuathal a’ cur chuilbheirtean air cuigeil, greiseag mu’n tainig an oidhche.”

“Cuilbheart?”

“Seadh! Cuilbheartan,” dh’ aithris e; “is cha bheag iad. Chuir iad Rob Crotach air shiubhal do Dhun-bheagain leotha.”

“Leotha?”

“Seadh! Leotha! Dé tha ’cur ort? Nirre! Tobar sin, is Tobar-tà; tobar aig an toirear blàr; marbhair Torcan nan tri Lachlainn gu moch, moch aig Tobar-tà. [ 178 ]Thuirt mo sheanmhair gu’ bheil cogadh mór a-tighinn. Théid na fineachan an aghaidh a’ chéile. Is——”

“C’arson a chuireadh Rob Crotach sin air falbh do Dhun-bheagain?”

“An dubhairt thu rud? Nirre! Mar a dh’innis Eilidh do dh’Iain Ruairidh e—dìreach, airson spòg na h-iolaire chur ann an giùran an Ogha Mhóir.”

“Có h-anns an Ogha Mhór.”

“Thig oirnn le d’ mhathas! Nach tu fhuair sgoil gun ionnsachadh. An t-Ogha Mór? Sin agad-sa Mac Neacail, Fear Aird-nis; is bàrd cho math ’s a rinn òran.”

“Mac Neacail?”

“Seadh! Mac Neacail. Is tha’n Ridire Tolmach airson cur-as da. Oir tha fearann aca crìochadaireachd.”

“An e sin uil’ e?”

“Theagamh nach e. Cha’n’eil mi ’ga thuigsinn ro-mhath. Ach tha iad a’ canail bu gheil an t-Ogha Mór a’ teagasg cleas nan arm do dh’òigridh ris a’ ghealaich air Oitir Aisig.”

“An d’rinn thu ach sin a chluinntinn?” dh’ fhoighnichd i ’sa cluas a sìor bhiorachadh.

“Chunnaic mi cuideachd iad,” fhreagair Raitean air bheag tuaiream a-thaobh cunnairt na rinn e bhrath.


III

Bha fios aig Mairearad cheana, gu’n robh Rob Crotach air an rathad gu Dun-bheagain; agus, mar an ciadna, na dh’earbadh ris. Oir, ged nach tug Eilidh tarruing air ri Iain Ruairidh, bha i ’san éisdeachd, nuair a rùnaich [ 179 ]an Ridire Tolmach, rioba thoirt mu cheann an Ogha Mhóir. Ach cha tainig e riamh na h-inntinn, ni momha a bha fios aice, gu’n robh an duine còir ud cho oileanach, measal ’san dùthaich.

Cha robh i aineolach, airson sin, air an dùrachd anns an robh na Domhnullaich, is Clann ’ic Leòid da chéile; is, aig an àm chiadna mar a bha Foirbeiseach, Chul-odair, ’gan cumail air féill na sìthe. B’e rian a turuis e. Ach mhothaich i gu’n robh cunnart na falloisgeir a-ghnàth ri sheachnadh, fhad ’sa bhiodh fear, le [3]goilean, a’ gréidheadh na fianaich thiorma.

Bha aon nì sònruicht a dh’fhiosraich Raitean dith; is e sin, nach robh earbsa ri chur anns na Tolmaich, gu’n leanadh iad stiùireadh an Ridire aig cromag an dearbhaidh. Oir ma bha òigridh na sgìre ri oilean-armachd ’san uaigneas, le comaradh Mhic Neacail, cha bhiodh sin gun fhios do dh’Iain Tolmach. Is bha gach collas a-nise gur h-ann an aghaidh a Chrùin a’ rachadh a thogradh-san.

Dé air a’ mhodh sin a bheireadh Iain Tolmach gu ruige Dun-bheagain? An ann airson car-mu-chnoc a dheanamh air Rob Crotach? No, an robh e ’na rùn Mac Leòid iomairt da thaobh?

B’iad sin na ceistean air iomadh seòl, a bha ruith troimh inntinn Mhairearaid an ceartair. Is mur an robh a turus gu bhi an dolaidh, thigeadh e dhith bacadh a chur an gniomh.

Cheasnaich i Raitean mean air mhean gus an d’fhuair i mach na b’aithne dha mu Iain Ruairidh; turus Eilidh do’n tigh aige; dol fo armachd is an t-sian a chuir a [ 180 ]mhàthair air; mar a dh’fhag e am port leis an sgoth chaoil, is a’ chòmhail a bha roimhe—cha robh nì dhiubh air nach tug Raitean cunntas seanagarra.

“Nise, Thormaid,” labhair i beag; “nise, Raitein, na’n iarrainn ort ceann-turuis a dheanamh, am biodh e duilich leat?”

“Cha do dhiùlt mi fhathasd thu?” fhreagair e air mhireag.

“Seadh, mu ta!” thuirt ise. “An d’rachadh tu gu ruige—ach, stad!—Am beil thu eagalach? Am faca tu duine bhi ’ga mharbhadh riamh?”

“Cha mhór nach fhaca,” dhosaich Raitean, ’s e cuimhneachadh cho faisg ’s a chaidh an gille-diollaid a bha còmhla ri Mairearaid air bàs gun sagart, nuair a choinnich iad an toiseach.

“Tha mi ga do thuigsinn,” thuirt Mairearad, mar gu’m biodh Raitean ann an inbhe seanachais. “An cuireadh tu am marcaiche, thainig an diugh lium, air an aithghearr gu ——gu Sléibhte?”

Thug Raitean an aire do’n mhaille-facail, agus chuir e a sheadh fhein air mun do fhreagair e.

“Cha bhi sùil agad air ais ris, ma théid sinn rathad na Mòintiche Móire?” labhair e sin, is e ’deilbh na dòghach anns am b’fheàrr a chuireadh e as do dh’fhear a ghamhlais.

“Ah! Seadh!” ars’ ise, “An rud dh’fhalbhas, cha’n e dh’fhóghnas. An rud nach cluinn e nochd, cha’n aithris e màireach. Na leig thu urchair riamh?”

“Rinn mi sin le daga bh’aig Iain Ruairidh ’s cha b’ann aon uair.”

[ 181 ]“Tha na Goill dona gu magadh, chuala tu. Saoil dé bh’aig’ an fhear ud ’na t’aghaidh, nuair a thòisich e ri tilgeannas ort?”

“An rud a thug na maoir do dh’Ifrionn, ma gheibh mise mo chothrom fhin air—an rud a gheibh.”

“Cha chuirinn do thogradh idir an uibhireachd dhut. Fuirich ort! An aithne dhut an abhainn a tha ruith gu mol, ann am bun a’ chladaich mu cheithir mìle eadar so ’s Caol-àcainn?

“Gu math: Abhainn Lusaidh.”

“Abhainn Lusaidh.”

“Dìreach!”

“Am beil sin fada bho na Phort Mhór?”

“Mu cheithreamh a’ mhìle ’n ear air.”

“Nise, Raitein, gheall thu dhol air ceann-turuis,” chaoinich i ris le fiamh gàire; “is ma ni thu gu math e, tha do dhuais air thoiseach ort.”

“Tha mi deiseil,” fhreagair esan gu clis.

“Nise, mu ta! Fuirichidh tu ann an so gus an tig am marcach a bha lium-sa. Tha aige ri bhi Sléibhte roimh latha; seallaidh tu an t-aithghearr dha. Cha mhisd thu’n daga so mar charaid, gun fhios nach fhaod thu feum a chur air. An d’thuirt thu’ gu bheil sluic ’s a’ Mhòintich Mhóir?”

“Na thiodlaiceadh muca-mara cho sàbhailte ri sùil Loch Aisig, ged is domhainn i.”

Chuir Mairearad an daga ann an làimh Rhaitein; is shaoil esan nach fac e riamh na bu dhealbhaiche do’n t-sùil na e. Thug i mar an ciadna, adharc fhùdair is gàmus dha, agus tomhas de fhùdar còmhla ris.

[ 182 ]“Ah! nach i tha glan!” bhrunndail e mar ris fhein. “Ni mi sgath leatha? An tilg i fada, saoil thu?”

“Cho fad ’s a tha feumal, nuair a bhios tu ’na h-eisimeil,” fhreagair Mairearad.

“Ah! nach i tha briagha, gu dearbh!” cheillearaich e, is e ’ga tionndadh ’s ’ga rudanadh ’na laimh. “A’ bheil sianadh innte?”

Air da fios fhaotuinn gu’n robh luaidhe is fùdar innte, thainig rud foill ’na rùn a-thaobh an té a bha labhairt ris. Saoil na’n cuirinn an daga rithe, am faighinn dad a dh’airgiod oirre? smuaintich e bho ìochdar an donais a bh’ann; ach ghobaich am beachd air culaobh sin, gun d’ fhàg i na bh’aice anns an Tigh Mhór. Dh’ fhaoidte, airson sin, nach’eil am fear a bha leatha gun sporan le éill.

Mar a bha rath an dàn do Mhairearaid, cha do mhair sunnd-calla fad air Raitean—gu h-àraid dha taobh-sa. Ach cha’n’eil sin a’ canail gu’n tigeadh a fear-coimpir dheth cho math. Oir bha Raitean a’ fàs cho beag foighidinn ri luch ann am fodar, gus am faigheadh e cothrom na dunaich air a’ Ghall.

Is e bhuil a bh’ann gu’n a dh’earb Mairearad ris a rathad a dheanamh air a’ Phort Mhór aig Lusaidh, far an tachraidh e air ceannard bho fhreacadan Ghlinn-eilge le beagan shaighdearan. Oir bha iad ri ti’n air an astar ud le bàta. Ach mu’n gabadh e ceann air an turus so, bha e ris an teachdair’ eile chur air an rathad gu Domhnullach Shléibhte.

“An cuala tu riamh mu chéilidh nam ban Sléibhteach?” phlìnich Raitean air fhiaradh is smuig air.

[ 183 ]“Cha chuala,” fhreagair Mairearaid; ’s i ’deanamh ratha de dh’airc. “Ach an rud nach cluinn mi a-nochd, cha’n aithris mi a-màireach.”

“Bi iad fad air an rathad,” thuirt esan le àrdan na poite-bige.

“Bheireadh seillein math mil a sin, a Thormaid,” thill ise. “Bi dùil ri fear-mara, ach cha bhi dùil ri fear-reilige——”

“Ma bhios e am mòintich,” chuir Raitean ris; “is beannachd Chalum Ghobha leis——‘mo thogair ged nach tìll.’”

“Tha thu giar dhe t-aois,” thuirt Mairearad, “nach mairg nach fhacas ’na bu shine thu.”

Thug e sùil dhàna oirre; agus am freagairt beurra: “Bheir na daoine beaga rud as na spéuran cho luath ris na daoine móra.”

“Ma tha’n ealain aca.”

“’S fheàrr rath na ealain,” thionndaidh e cheart cho tuathal.


IV

Ni e ’n gnothuch, smuaintich i rithe fhein; agus aig a’ cheart àm, air-san a thainig air a’ chois-cheum slighe leatha.

Mar a thuirt i fhein: bheireadh seillein math mil as na bha i scoileamachd ri Raitean, bho’n a thachair iad an toiseach.

Cealgach ’s g’an robh esan, chuir e umhail air an dìchioll a bha i deanamh airson a companach-rathaid a dhol an dìth. Ach ged a bha Raitean cho teuma ri moisean, cha b’urrainn, ni momha dh’fhèach e ri [ 184 ]thuigsinn, ciod e an dubh-fhìnid a bh’aig Mairearaid ’san aire. Air a shon-san, cha robh innt’ ach òigh air nach do dhearc a shùil da cuimir; is ged a bhiodh an uair, le aog ri chrudha, chuireadh e gniomh am beairt dhith.

Ach an rud air nach d’fhuair Raitean ceann, dh’fhàg e geall ’na eisimeil. Cuiream mar-sin, an t-soilleireachd, a rinn an t-Ogha Mór air, ’na chois.


∗             ∗

Stéidhich eachdaire na linn ud, an t-ionad-casaid anns na chàraicheadh dol-a-mach Mhic Shimidh, ceann-feadhna nam Frisealach. Bha’n t-amharus, eadhon ’na latha, gu’n robh e, mar a bha Domhnull seòlta—a’ toirt sgairbh a creig da fhein.

Nuair a bhios Murchadh ’na thàmh bidh e ruamhar. Nuair nach biodh Mac Shimidh a’ cuideachadh aobhar nan Stiùbhartach, gheibheadh e fàth, is brosgul air flaithean-faire Rìgh Deòrsa mhealladh.

Cha robh ’na aghaidh nach gabhadh cothrom bacaig air. Ach ged a dh’fhèachadh ri thoirt am brath air caochladh seòil, bha fhathast fhacal cho buan ri ’leisgial. An tràth nach ruigeadh e ceann an teine aig uachdrain is tuathaich, bhiodh toscaire gléusda siubhal le fios-rùin bhuaidhe dh’ionnsaidh cumhachdan na tìre.

Ach a-measg na dhiùlt a bhi air an tàladh leis, bha Foirbeasach mór Chul-odair. Cha robh aig, airson sin, ach aithne gun fianuis air na bhathas a’ cur as a leith fhathasd. Ionnas nach cuirear gad air gealladh, cha deanadh sid cuis-dhìtidh. Is mar is fheàrr freasdal na dòchas, chuir e mar fhiachaibh air Domhnullach Shléibte, [ 185 ] cùmhnant sgrìobhaidh fhaotuinn bho Mhac Shimidh, a dhearbhadh có an taobh air an togadh e cìrean.

Am fear nach’eil an aodann na creige, cha bhi eagal air gu’n tuit e. Ghlacadh an sionnach thar fhaicill. Dé rinn Mac Shimidh ach fear-earbsa—Eilgneach eòlach a chuir air turus-cùnraidh le Mairearad Nic Uaraig do’n Eilean Sgiathanach. Thug e dà litir dha—té a dh’ ionnsaidh an Ridire Tholmaich, is té eile airson Shir Alasdair Shléibhte. A-thaobh Mhic Leòid Dhun-bheagain, cha robh e buileach cinnteach dé cho fad ’s a bha cleamhnas an Fhoirbeisich ’ga aomadh.

Bha e cho eòlach air àmhailtean na h-aimsir ud ’s a tha brìdean ’san tràigh. Is tha e ’na annas gu’n tainig sgleò air fear a bheireadh an car as an Donas, air an trotha, bha sid. Oir thug na litrichean a sgrìobh e an uair ud, a cheann do’n ealaig mu dheireadh a làithean.

Bha, co-dhiùbh, am fios-pìnn a chuir e air theachdaireachd leis an Eilgneach, ’na chunnart dha fhein ’s da naimhdean. Is cha robh Mairearad gun a h-oilean mu’n ghnothuch. Có rachadh an urras nach éireadh Clann Domhnuill, an déigh gach ìmpidh a thachair, na’n ruigeadh cuireadh-catha bho Mhoraire mór Chloinn Fhriseil iad.

Thigeadh e mar sin dith, na bha ’na ghleidheadh fhaotuinn, ged a b’e lochd is bàs an ceannach air—am bàs mar rogha.

Ma bha a rùn air slighe cho duachnaidh, cha bhiodh e ’na ioghnadh idir ged a shealladh i le ùidh air an fhreasdal a chuir Raitean gu làimh.

“Bidh an Gall glas an so a dh’aithgearr,” thuirt i [ 186 ]le guth cho ìosal, is gur gann a rinn Raitean greim air. “Ach fuirich a-rithisd ort! Am beil fios agad co-dhiùbh a tha Iain Tolmach is Mac Neacail, mór aig a’ chéile?”

“Ri dà cheann eich,” fhreagair esan an gearradh-facail, ’s e deanamh mothar gàire còmhla ris.

“Nach tu tha mear,” labhair Mairearad, is dubh air a clisgeadh gu’n tugadh e an car aisde.

“Nirre,” thìll Raitean. “Faodaidh an losgann gàire dheanamh air cnoc. Ach cha’n e sin bùr mo mhire, mu’n d’thuirt thu, ach na sùilean a bha thu cur ort ris na speuran, bho nach’eil’ios c’uin! Thug thu dhomh daga, is collas cabhaig ort; bha mi ri t’fhear rathaid a thoirt——”

“Foighidinn bheag,” chaisg i air a socair. “Tha fios agad dé th’ann an litir, na’m faiceadh tu i?”

“Gu math,” fhreagair e. “Oir is iomadh té a thug mi bho Iain Ruairidh a dh’ionnsaidh Mac Ionghuinn na h-Airde dhiubh.”

“O!” thuirt Mairearad. “Bha dùileam nach robh Iain ach ri iasgach?”

“Nirre! bhana-charaid. Eirigh tonn air uisge balbh, mu’n d’thuirt mo sheanmhair ri Mac Iain Ghasda.”

Cha robh Mairearad buileach cinnteach co-dhiùbh ’se ghléusdachd no ghearradh-cainnte bu mhomha chuir a dh’ioghnadh oirre. Ach fhuair i mach na bha dhìth oirre; is e sin, nach b’ann a ruith na cuthaig a rachadh e leis na dh’earbta ris.

Le ìmpidh fhoghainteach gu leòr, sheall i dha na bha aige ri dheanamh nuair a thigeadh an t-Eilgneach.

[ 187 ] “Bidh pàipearan air a shiubhal,” labhair i beag, “is gheibh thu ìnnleachd air am faotuinn. Ni thu sin air Port Mór Lusaidh, far an tachair oifigeach airm, le bàt’ is sgioba riut. Ma chuireas e ceist ort——?”

“Nirre! bhana-charaid,” chaisg Raitean, “ged a chuireadh cha’n’eil Beurl agam.”

“Na gabh cùram,” cheadaich i; “oir bi de Ghàidhlig ’nam measg na thuigeas tusa. Bheir thu dha na litrichean, agus an té so, còmhla riutha——”

“Stad a bhan-charaid,” thuirt e mar mhollachadh, “nach’eil thu deanamh cunntas shlat gun aodach? Ach lean ort.”

“Cha’n’eil eagal orm a-thaobh na cuid sin deth,” fhreagar Mairearad; “gu h-àraid fhad ’sa bhios tu fhein a’ deanamh faire-chlamhain air na cearcan.”

“Tha thu amasach,” shodalaich esan; oir chòrd am freagairt ris. “B’fheàrr lium gu’n cuala mo sheanmhair thu.”

“Có aig tha fios nach dean i sin fhathasd,” thìll Mairearad mar bhriaghachd. “Oir nach minig a chual thu, gu’m faod gnothuch an rìgh ti’n rathad cailleach nan cearc.”

“An diabh——!”

“Tog ort, a bhalaich,” thuirt i ’ga stad. “Cum an còrr airson an fhir Ghallda. So dhut an litir; is lìbhrig i mar a dh’iarr mi roimhe. Cuimhnich, aig a’ cheart àm, gu bheil cuid a’ ghill’ easgaidh air gach mèis. Tha do dhuais romhad; is faiceam fhin mar a chosnas tu e.”

Bha’n còrr dhe’n t-seanachas a’ stiùireadh mar a bheireadh Raitean a cheann-uidhe gu buil; is far an [ 188 ]coinnicheadh e ri Mairearaid a-rithisd, chum fianuis a thoirt air ’na dh’earbadh ris.

Dh’fhàg i le facal brosguil air a bilean; is thug bruthach Seònaid a sealladh i. Bha Raitean a’ feitheamh ri tighinn a’ Ghoill cho foighidneach ri sealgair gurabanach Loch Aisig—is ’na bu lugha meachainn.


V

Rudanaich e gléus an daga, dh’fhèach an robh e ag oibreachadh ceart. Chunnaic e gu’n robh lag na spoire ’sam fùdar tioram. Is air eagal gu’n d’rachadh e thar a chuimse, thomhais e àirde-duine air muin eich bho’n talamh, ri bun craoibhe a bha làthair. Gu ruige ’sam ball anns an amaiseadh e air a chridhe eadar an dà shlinnein, chomharraich e gu h-eagair ’na shùil e. Eadhon an dearbh àit’ anns an tiodhlaiceadh e am marcaiche ’san t-each anns a’ Mhòintich-mhóir, bha e nise aig’ air bhrath.

Am feadh ’s a bha e cur rian air teachdaireachd an aoig ’na inntinn, nochd fear a mhanaidh bho Laobhras ’se marcachd.

Thog Raitean an rathad cia luath ’s a ràinig e; is mar a tha suiridhe nan Lathurnach—cha’n’eil bruidhinn ann—chum iad romhpa gu bog, balbh ris a’ chladach gus an robh iad seachad air a’ Ghlas-Eilean. Gun fhios nach fhaic eòlaich-chuairt an taobh a threòraich Raitean as an rathad, tha e ri aithris, gu’ bheil collas na ceàrna so, tur air atharrachadh seach mar a bha e nuair ud. Am fear nach cumadh ri cnàimh an rathaid ri linn mo sgeòil, is math mur a tuiteadh an tarbh-coille air—no [ 189 ] sian a’ ghonaidh, mu’n d’thuirt am facal.

Bha craobhan a’ còmhdach a’ chinn-ìochdraich bho’n a’ Ghairbhlich—ach far an ruigeadh tuath air àireachas—gus an ruigeadh e Rudha na Caillich. Tha Mhòinteach-mhór, ach gann, an diugh cho duilich ri coiseachd, ’s a bha i nuair sin, ged a ghearradh iomadach farusg dith. Bheir e dhùbhlan do dh’eòlaich ti’n roimhpe ma bhios ceann-dubh air a’ ghealach. Ciamar a-nise dh’èireadh do cheithir-chasach?

Cha robh Raitean gun a bhi làn fhiosrach air gach sloc is fròig dith. Ach bha làrach innte anns na chailleadh iomadach beothach air aineol—an Fhéithe-mhór; is bha i meallta. Thigeadh coigreach oirre, na’m biodh e dol bho Cheann an Oib gu Achadh Tàtair, no a’ fàgail an Sgeithein Bhàin mar a sgoiteas an seillein an t-astar a dh’ionnsaidh nan Locha-dubha.

B’e sid a’ bhogalach air an robh Raitean a’ stiùireadh a Ghoill ’san eich. Cha do ghabh an Gall fhein an cùram bu lugha, gu’n tigeadh dò-bheairt sam bith ’na charaibh. Theagamh gu’n robh e cur a threòraiche ro-shuarach airson donas a thogail; is lean e air aghart ann an doillead a bheachd.

Chum Raitean an cladach ri ìochdar Earra-puill a h-uile ceum gus an tainig e dh’ionnsaidh Allt Tàtair, far na dh’fhiar e ris a’ mhonadh. Bha bristeadh coille nise air an làimh dheis aige, is i criathradh solus na gealaich. Thug iad mar sin an culaobh ris an tràigh; ach chluinnte tonn an dràsda ’s a-rithisd a’ sìoladh mu storcain, mar pheileag a’ sèiteal. Ach b’ ao-collach tuar na h-oidhche ri aigne Raitein. Oir bha balbh gun [ 190 ] bhristeadh ’san adhar; is muir ’ga blianadh mu lùib nan còs mar shìoda ’ga righeadh air còmhnard.

Nuair a bhiodh iad an ear air tigh na ‘Miss’—na’n robh i beò r’a linn—dhùmhlaich na craobhan. Oir cha’n’eil ro fhada bho’n a chìtear bun giubhais cho sean ri tri aois iolaire, air crìonadh ’san dearbh làraich. Leis air a’ sin, bha faichd de stad-uisge, is—rud a bha annasach gu leòr—léig iaruinn is cóinneach air uachdar.

Mar a chumas deamhainn ri bhòid, stad Raitean aig ceann an eich, is e cur a làimhe guiniosd air an daga.

“Cum air falbh bho’n eabar sin,” thuirt esan; ach ionnas nach do thuig a’ marcaiche, de bu chiall da, cha d’rinn e ach coimhead timchioll.

Thug e an aire do thalamh briste fo shròn an eich, is, mar gu’m biodh fiaradh grad a’ dol air a’ chruaidh-rathad, thionndaidh e gus a leanalt. Dh’fhàg so a leith-chulaobh ri Raitean, a choc an daga eadar an dà shlinnein aige. Dh’fhalbh lasair bho’n spoir, is rinn an Gall tuiteam a’ mhairbh gu h-obann.

Mu’n do thàrr an t-each toirt-as, ghlac Raitean an t srian; is ann an àireamh na mionaidean bha e aige bocail gu bhroinn ’san fhéithidh, far na dh’fhàg e mu dheireadh e, ’s gun ris ach an druim, ’san ceann deth.

Thìll e an sin a rannsachadh a’ chuirp.

“Is mairg a ghabhadh dragh nach faigh e cuimse,” mhonbhuraich e ris fhein gu brodail, ’se tarruing pasgan phàipeir a pòcaid achlais a’ choigrich. “A!” leith-ghlaodh e le moit ri fhaodail. “Na’m b’e ’n diugh an dé, theagamh gu’n robh thu fhathasd ’san fheòil, mar a bha cat Mhic Aoidh. Ged is fuar a’ mhàthair-chéil’ [ 191 ] an fhòid, feumair gabhail ris,” lean e brunndail; is e aig a’ cheart àm, a’ slaodadh a’ chuirp gu taobh an eich, far na chuir e na casan aig’ an sàs ann an cas-éill na diollaide, mar gu’n tuiteadh e an comhair a chinn.


∗             ∗

Thug Raitean a shàil ri obair-dholaidh gun fiamh, gun gheilt. Fhuair e bàta freiceadan Ghlinn-éilge mach; is lìbhrig e na thug e dheth’n a Ghall, còmhla ris an litir a thug Mairearad dha.

B’e an ceòl-feadaireachd a bha aige dol seachad bho Lusaidh, a ghlac cluas Iain Ruairidh, agus e tilleadh a dh’ionnsaidh Sgeir na h-Oitreach bho Chnoc nan Curran.

Bha’n t-amharus trom air seilbh anns na làithean ud. Chuir e mar sin annas nach bu bheag air Iain, có bhiodh a’ siubhal an rathaid mu’n tac ud a dh’oidhche. Is—mar a bha’n gamhainn ’s a’ chachalaidh—’smaointich e am barrachd na thubhairt e.

Rùnaich e co-dhiùbh gu’m faigheadh e mach dé bha fo’n ian aig a’ choisiche; is thog e le sùrd ri àirde na feadaireachd. Ach mar is minig a dh’éirich do shealg a’ chait air clamhan, cha do thìll e gun sgobadh, is làrach nan crodhan ’anns ’a chraicionn aige.

  1. gun fhios
  2. an geall air fios
  3. àsaig laiste