O Hì Ri Ri, Tha e Tighinn

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
O Hì Ri Ri, Tha e Tighinn  (1751) 
by Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

O Hì Ri Ri, Tha e Tighinn

O hì-ri-ri, tha e tighinn,
O hì-ri-ri, 'n Rìgh tha uainn,
Gheibheamaid ar n-airm 's ar n-èideadh
'S breacan-an-fhèilidh an cuaich.

'S èibhinn leam fhìn, tha e tighinn,
Mac an Rìgh dhlighich tha uainn,
Slios mòr rìoghail don tig armachd,
Claidheamh is targaid nan dual.

'S ann a' tighinn thar an t-sàile
Tha 'm fear àrd as àille snuadh,
Marcaich' sunndach deas nan steud-each
Rachadh gu h-aotrom san ruaig.

Samhail an Fhaoillich a choltas,
Fuaradh froise 's fadadh-cruaidh;
Lann thana na làimh gu cosgairt
Sgoltadh chorp mar choirc' air cluain.

Torman do phìoba 's do bhrataich
Chuireadh spiorad bras san t-sluagh,
Dh'èireadh ar n-àrdan is ar n-aigne,
'S churte air a' phrasgan ruaig.

Tàirneanach a' bhomb 's a' chanain
Sgoilteadh e 'n talamh le chruas,
Fhreagradh dha gach beinn 's gach bealach,
'S bhodhradh mac-talla ar cluas.

Gur mairg don èideadh san latha sin
Còta grànd' den mhàdar ruadh,
Ad bhileach dhubh is cocàrd innt'
Sgoiltear i mar chàl mun cluais.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.